Tim Armstrong
Beatha
Breith Eabhraig Nuadh
Foghlam
Foghlam Bowdoin College (en) Translate
Sabhal Mòr Ostaig
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche, neach-ciùil agus sgrìobhadair
Fastaichean Sabhal Mòr Ostaig  (1 dhen Lùnastal 2015 -
Obraichean comharraichte Air Cuan Dubh Drilseach
Buaidh Iain Banks agus Frank Herbert (en) Translate
Ballrachd Mill a h-Uile Rud

'S e neach-rannsachaidh, ùghdar agus ceòladair à Seattle, Washington a th' ann an Dr. Timothy (Tim) Currie Armstrong.

Beatha Sgoilearach

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1990 fhuair e BA (Biology) le àrd-urram aig Bowdoin College anns na Stàitean Aonaichte. Cheumnaich e le BA Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an 2006 bho Sabhal Mòr Ostaig. Fhuair e PhD bho Oilthigh na Gàidhealtachd ann an 2009.[1] Ann an 2010, thòisich e ag obair le Soillse.

Tha Tim an-diugh stèidhichte san Eilean Sgitheanach far a bheil e ag obair na rannsaiche agus neach-teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh na Gàidhealtachd. Bidh e a' rannsachadh mar a bhios daoine a' cleachdadh na Gàidhlig gu sòisealta. Tha ùidh aige ann an leasachadh-cànain aig a' mhion-ìre, ideòlas-cànain an ath-bheothachaidh agus coimhearsnachdan Gàidhlig ùra.

Ceòl

[deasaich | deasaich an tùs]

B' àbhaist do Tim a bhith cluich anns a' chòmhlan punc Mill a h-Uile Rud. Bha e cuideachd na phàirt de Là Luain, Na Gathan agus An t-Uabhas.

Sgrìobhaidhean Cruthachail

[deasaich | deasaich an tùs]


Sgrìobhaidhean sgoilearach

[deasaich | deasaich an tùs]

Anns na meadhanan

[deasaich | deasaich an tùs]

Bidh Armstrong a' nochdadh ann am prògraman Radio nan Gàidheal gu tric.[2][3][4]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Eachdraidh Beatha aig Làrach-lìn SMO
  2. Gilleasbuig MacDhòmhnaill: “Craiceann na Chanabhas”. BBC iPlayer Radio. BBC. Air a thogail 26mh dhen Fhaoilleach 2017.
  3. Cathy NicDhòmhnaill: “Naidheachdan na maidne”. BBC iPlayer Radio. BBC. Air a thogail 9mh dhen Fhaoilleach 2017.
  4. 22 Samhain 2013: Bha Tim air a' phrògram Mac'illeMhìcheil air Radio nan Gaidheal