Richard Cox | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Surrey (en) , 1954 |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Ghlaschu Oilthigh Shruighlea Sabhal Mòr Ostaig |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus cànanaiche |
Buaidh | Magne Oftedal |
'S e cànanaiche agus foillsichear a tha ann an Richard A. V. Cox. Tha ùidh shònraichte aige ann an cànanachas eachdraidheil, ainmean-àite agus faclaireachd.[1]
Rugadh e ann an Sasainn ach thachair gun tàinig e a Leòdhas, far an robh e a' fuireach greis, agus chuir e roimhe an uair sin a dhol a Ghlaschu gus ceum a thoirt a-mach aig Oilthigh Glaschu.[1] Chuir e seachad greis ann an Oslo cuideachd far an robh an t-Ollamh Magne Oftedal aig an àm sin.[1] The e air a bhith an sàs ann an iomadh pròiseact, a' gabhail a-steach Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu agus an cùrsa Speaking Our Language nuair a bha e ann an Cnoc Iòrdain 's e a' toirt a-mach teisteanas foghlaim ann.[1]
Dh'ionnsaich e ceàrd fhoillsichear aig Oilthigh Shruighlea mus deach e a Shabhal Mòr Ostaig a theagasg far an d' fhuair e urram ollaimh cuideachd.[1][2]
Tha e air iomadh leabhar is pàipear luachmhor fhoillseachadh, am faclair Brìgh nam Facal agus The Gaelic place-names of Carloway nam measg.[3][4][5]