Coinneach MacFhionghuin | |||
---|---|---|---|
1965 - | |||
Beatha | |||
Breith | London Docklands (en) , 26 dhen Lùnastal 1933 | ||
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte | ||
Bàs | 21 dhen Chèitean 2021 | ||
Foghlam | |||
Foghlam |
Sgoil na h-Eaconamachd Lunnainn eaconomachd, eòlas-comainn Social Science Research Council (en) | ||
Cànain |
Gàidhlig Beurla | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | cànanaiche, sòiseo-eòlaiche agus eachdraiche | ||
Fastaichean |
University of Hertfordshire (en) An t-Oilthigh Fosgailte Oilthigh Obar Dheathain | ||
Ballrachd | Bòrd na Gàidhlig |
Tha an t-Ollamh Coinneach MacFhionghuin (Beurla: Prof. Ken MacKinnon) (1933-2021) aithnichte mar an neach a thòisich sòiseo-chànanachas na Gàidhlig san 20mh Linn. Rugadh e sna Docklands ann an Lunnainn ach bhuineadh a phàrantan a dh'Eilean Arainn[1]. Chaochaill e sa Chéitean 2021.
Bha am Blitz a' dol ann an Lunnainn nuair a bha e na bhalach beag agus chaidh a chur dhan Chòrn a chum a thèarainteachd fhèin ach 's ann an Southend-on-Sea a rinn e dachaigh an uairsin far an robh e ag obair ann an roinn planadh na comhairle suas gu ìre ceannaird.[1] Rinn e ceum dùbailte ann an sòiseo-eòlas agus econamachd aig London School of Economics agus rinn e seirbheis nàiseanta sa Ghearmailt an Iar an uairsin.[1] Bha e ris an teagasg as dèidh dha tilleadh às a' Ghearmailt, mar cheannard roinne aig London College of Technology agus mar seann-òraidiche aig Hatfield Polytechnic am measg dreuchdan eile.[1]
Cha robh Gàidhlig aige on ghlùin ach theagasg e Gàidhlig dha fhèin nuair a ghabh e ùidh innte.[1]
Rinn e ceum eile, ceum maighstir, agus fhuair e caidreachas o Comhairle Rannsachadh nan Saidheansan Sòisealta an uairsin is ghabh e cothrom air 's e a' rannsachadh suidheachadh sòisealta na Gàidhlig sna Hearadh eadar 1972 is 1974.[1] Bha e an sàs cànanachas agus planadh na Gàidhlig on àm sin.
Bha e na bhall ann am MAGOG eadar 2002 agus 2004, buidheann a thug seachad comhairle mun Ghàidhlig do mhinistearan na h-Alba agus fhuair e ballrachd Bòrd na Gàidhlig ann an 2004.[2] Bha e na bhall air bòrd MG Alba cuideachd, a-mach on bhliadhna 2008.[2]
Bha dreuchdan eile aige cuideachd eadar Oilthigh Obar Dheathain agus Oilthigh Hertfordshire agus bha e na òraidiche aig an Oilthigh Fhosgailte ann an saidheansan sòisealta, foghlam is cànan a bharrachd air sin.[3]
Bha e pòsta agus tha dithis duine cloinne aige. Bha ùidh aige ann am poileataigs ionadail mar Libearalach[1]. Chaidh e a dh’ fhuireach san Eilean Dubh an Taobh an Ear Rois.
Dh'fhoillsich Coinneach iomadh pàipear is leabhar a-mach o na 1970an, air a' Ghàidhlig ann an Alba 's ann an Alba Nuadh, mion-chànan is sluagh-eòlais, a' gabhail a-steach:[2]