Whauphill | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Cille Chainneir[1] |
Co-chomharran | 54° 47′ 60″ Tuath 04° 28′ 60″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG8[2] |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Soirbidh, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Whauphill. Tha e suidhichte aig 55m os cionn ìre na mara,[3] air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Cille Chainneir agus Am Magh Crom. Tha e 299km air falbh bho Obar Dheathain, 117km bho Ghlaschu, 63km bho Dhùn Phrìs agus 151km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Whauphill. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bun-sgoil ann an Cill chainneir[5] agus dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6]
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Quhaip (crotach) agus hill (cnoc) anns a' Bheurla a th' ann ainm a' bhaile.[7] Bheireadh sin Cnoc a' Chrotaich dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Tha àitean eile le eileamaidean coltach ri seo gu matha àbhaisteach sa sgìre, rud a bheir cuideam dhan teòiridh seo. Ged nach robh e cho làidir, bha Beurla ann o chionn fhada, mus do chuir a' Ghàidhlig ruaig oirre.
Ràinig an Rèile dhan bhaile ann an 1875, a thug piseach mòr air malairt san sgìre.[8]
'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Bhuirgh Rìoghail Bhaile na h-Ùige a bhuineas Whauphill, a ghabhas a-steach Barrachan, Baile na h-Ùige, Blaidneach agus Cille Chainneir. Tha 2,200 duine a' fuireach san sgìre air fad.[9] Tha 15 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla na Comhairle, ann am Baile na h-Ùige. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[10]
'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.4 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1103mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Whauphill. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Whauphill.[11] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 61mm eadar an Giblean (dìreach 63mm) agus an Dàmhair (124mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.5 °C.
Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn