Blaidneach | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Baile na h-Ùige[1] |
Co-chomharran | 54° 51′ 00″ Tuath 04° 28′ 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG8[2] |
‘S e baile beag dùthchasail air iomall Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Blaidneach (Beurla/Beurla Ghallta: Bladnoch).[3] Tha e suidhichte aig 5m os cionn ìre na mara,[4] air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Baile Ùr nan Stiùbhartach agus Cille Chainneir, ri taobh na h-aibhne Blaidneach,[5] far a shruthas e gu màthair-uisge na Linne Shalmhaigh aig Bàgh Chrìch. Tha e 293km air falbh bho Obar Dheathain, 112km bho Ghlaschu, 59km bho Dhùn Phris agus 145km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Blaidneach. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. Tha Blaidneach ainmeil air feadh an t-saoghail air sàilleabh an taigh-staile cliùiteach a th' anns a' bhaile.[6]
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à blàdh agus achadh anns a' Ghàidhlig o shean a tha an t-ainm.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8]
B' e àite gu math trang a bh' ann Blaidneach bho na meadhan aoisean gu ruige deireadh an 19mh linn leis gur e an aon àite far an robh drochaid tarsainn na h-aibhne Blaidneach air slighe na taistealachd gu Whithorn.[9] Chaidh a' chiad drochaid a thogail an seo ann an 1710 ach chaidh tè ùr eile a thogail ann an 1860.[10] Chaidh gnothach an èisg a leasachadh le Alasdair III anns an 13mh Linn.[11] Ann an 1682, nuair a bha an dùthaich ann an dubh-choimeasg aig àm an Ath-Leasachaidh, chaidh tè à Blaidneach a chur gu bàs còmhla ri dithis eile o chionn 's gur e cùmhnantaich a bh' annta. Chaidh an ceanglachadh ri cabair air an tràigh gus a chaidh a bhàthadh aig àirde-mhara.[12] Dh' fhosgladh taigh-staile an seo, a bhuineadh dhan teaghlach MhicGilleFhaolain, ann an 1817 ach dhùnadh ann an 1933 e. Chaidh ath-fhosgladh ann an 1993.[13] Chan eil ach sia taighean-staile ann an ceann a deas na h-Alba air fad. Bha taigh-uachdair ri taobh na h-aibhne,[14] a bha air a thogail ann an 1899 agus a bheireadh cosnadh gu mòran dhaoine san sgìre. Thàinig an rèile gu Baile na h-Ùige ann an 1875, rud a thug piseach air eaconomaidh na sgìre. Chailleadh an rèile ann an 1950.[15]
'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Bhuirgh Rìoghail Bhaile na h-Ùige a bhuineas Blaidneach, a ghabhas a-steach Barrachan, Baile na h-Ùige, Cille Chainneir agus Whauphill. Tha 2,200 duine a' fuireach san sgìre air fad.[16] Tha 15 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla na Comhairle, ann am Baile na h-Ùige. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[17]
'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.6 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1086mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Blaidneach. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Blaidneach.[18] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 61mm eadar an Cèitean (dìreach 62mm) agus an t-Samhain (119mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.8 °C.
Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn