Wolfgang Amadeus Mozart | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Ainm slàn | Johannes Chrysostomus Wolfgangus Theophilus Mozart |
Breith | Salzburg, 27 dhen Fhaoilleach 1756 |
Dùthaich |
Archbishopric of Salzburg Àrd-diùcachd na h-Ostaire Ìmpireachd Naomh na Ròimhe |
Àite-fuirich |
Mozart's birthplace (en) ![]() |
Ciad chànan | Gearmailtis |
Bàs |
Vienna agus Rauhensteingasse (en) ![]() |
Àite-adhlacaidh | Cladh St. Marx |
Nàdar a’ bhàis | (unknown value) |
Teaghlach | |
Athair | Leopold Mozart |
Màthair | Anna Maria Mozart |
Cèile | Constanze Mozart (4 dhen Lùnastal 1782 - 5 dhen Dùbhlachd 1791) |
Clann | |
Bràithrean ⁊ peathraichean | |
Fine |
Mozart family (en) ![]() |
Foghlam | |
Cànain |
Gearmailtis Eadailtis Beurla Fraingis Laideann |
Luchd-teagaisg |
Johann Schobert (en) ![]() Johann Christian Bach (en) ![]() Leopold Mozart (en) ![]() Giovanni Battista Martini (en) ![]() |
Oileanaich |
Johann Nepomuk Hummel (en) ![]() Franz Xaver Süssmayr (en) ![]() Barbara Ployer (en) ![]() Thomas Attwood Ignaz von Seyfried (en) ![]() |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceòl-sgrìobhaiche, tidsear ciùil, cluicheadair piàna, neach-ciùil, organaiche agus cluicheadair fìdheallain |
Àirde | 1.63 meatair |
Àitichean-obrach | Salzburg agus Vienna |
Fastaichean |
Count Hieronymus von Colloredo (en) ![]() Joseph II, Holy Roman Emperor (en) ![]() |
Obraichean comharraichte |
The Magic Flute (en) ![]() The Marriage of Figaro (en) ![]() Don Giovanni Così fan tutte (en) ![]() Die Entführung aus dem Serail (en) ![]() Symphony No. 40 (en) ![]() Eine kleine Nachtmusik (en) ![]() Requiem (en) ![]() |
Duaisean a fhuaras | |
Buaidh |
Johann Joseph Fux (en) ![]() |
Gluasad | an linn chlasaigeach |
Gnè ealain |
an linn chlasaigeach sardana (en) ![]() ceòl-seòmair opra simphnidh |
Inneal-ciùil |
organ clabha-chòrd cruit-chòrda fortepiano (en) ![]() fìdheallan ailt piàno Òrgan |
Creideamh | |
Creideamh | Caitligeachd |
IMDb | nm0003665 |
![]() |
Bha Wolfgang Amadeus Mozart (27 am Faoilleach 1756 – 5 an Dùbhlachd 1791) ’na cho-ghleusaiche sa linn chlasaigeach, às an Ostair. Sgrìobh e barrachd air 600 pìosan obrach agus tha fèill mhòr air an obair aige fhathast. Bha e pòsta agus mhair dithis mhac dha beò. Chaochail e nuair a bha e 35 bliadhna a dh'aois agus tha miotas air a bhàs an-diugh. Tha an ceòl aig Mozart gu math ainmeil agus buadhmhor.
Rugadh Mozart ann an Getreidegasse 9, Salzburg, san Ostair a rèir ainm na dùthcha sa là an-diugh.[1] B' e Leopold agus Anna Maria Perti Mozart a phàrantan. Bha piuthar na bu shine aige, Maria Anna (1751-1829), Nannerl a far-ainm. Bhaisteadh Mozart ann an Cathair-eaglais an Naoimh Rupert an là as dèidh a bhreith. B’ e Johannes Chrysostomus Wolfgangus Theophilus Mozart an t-ainm slàn a bh' air.
Bha athair à Augsburg. B' e Kapellmeister (maighstir-ciùil) ann an orcastra-cùirt a bh' ann airson Àrd-easbaig Salzburg. B' e co-ghleusaiche agus tidsear a bh' annsan cuideachd.
Thòisich a phiuthar air a’ phiàno ionnsachadh nuair a bha i 7, agus bha Mozart 3 bliadhna a dh'aois aig an àm. Choimhead Mozart air na leasanan. Thuirt a phiuthar:
Tha na pìosan sin ann an Nannerl Notenbuch (leabhar-nòta aig Nannerl).[2]
Nuair a dh’aithnich a athair comas a mhic, sguir e fhèin air ceòl a sgrìobhadh. B’ e Leopold an aon tidsear a bh’ aig Mozart. Theagaisg e ceòl, cànain, agus cuspairean sgoilearach eile dhan chloinn.