'S e pròiseact culturail a th' ann an Tobar an Dualchais / Kist o Riches. Chaidh Tobar an Dualchais a stèidheachadh gus clàran-fuaim Gàidhlig is Albais "a ghleidheadh ann an cruth didseatach, a chatalogadh agus a sgaoileadh air-loidhne".[1] Tha na clàran-fuaim a' tighinn bho Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann, bho BBC Alba, agus bho Chruinneachadh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba.[1]

Chaidh Tobar an Dualchais a chur air chois mar phròiseact co-obrachaidh stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig. Chaidh na clàran fhèin a chruinneachadh bho air feadh na h-Alba bho na 1930an a-mach. Chaidh an làrach-lìn fhoillseachadh airson na ciad uarach ann an 2010 agus tha a-nise còrr is 34,000 clàr rin cluinntinn oirre. Tha farsaingeachd mhòr air an làraich, a’ gabhail a-steach beul-aithris, òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd agus sgeulachdan. Tha Tobar an Dualchais air aithneachadh mar ghoireas luachmhor airson foghlaim agus rannsachaidh ann an dualchas, cànanan is cultar na h-Alba. Tha an làrach ʼna goireas bunaiteach airson cùrsa ùir ann an Dualchas agus Cultar na h Alba a tha air a lìbhrigeadh eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Dhùn Èideann. Tha mòran sheinneadairean agus luchd-ciùil cuideachd a’ dèanamh feum dhith.

Fhuair Tobar an Dualchais maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Riaghaltas na h-Alba ann an 2014.[2]

Luchd-obrach

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e Flòraidh Forrest stiùiriche a' phròiseict. Thòisich i san dreuchd ann an 2019.[3]

Foillseachaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]


Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Tuilleadh mu "Tobar an Dualchais"
  2. 2014. Tobar an Dualchais: Ulaidh Nàiseanta/ Kist O Riches: A National Treasure deas. le Chris Wright (An t-Eilean Sgitheanach: Tobar an Dualchais)
  3. STIÙIRICHE ÙR AIRSON PRÒISEACT DUALCHAIS NÀISEANTA(Gàidhlig). Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 6mh dhen Ògmhios 2019.

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]