Richard Wagner | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Wilhelm Richard Wagner |
Breith | Leipzig, 22 dhen Chèitean 1813 |
Dùthaich |
Rìoghachd Shagsainn An Eadailt An Eilbheis A' Ghearmailt An Ostair |
Bàs | Venezia, 13 dhen Ghearran 1883 |
Àite-adhlacaidh | Wahnfried (en) |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (greim-cridhe) |
Teaghlach | |
Athair | Carl Friedrich Wagner |
Màthair | Johanna Rosina Wagner-Geyer |
Cèile |
Cosima Wagner (en) Minna Planer (en) |
Clann | |
Bràithrean ⁊ peathraichean | |
Sinnsirean |
liosta
|
Fine | Wagner family (en) |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Leipzig Kreuzschule (en) Thomasschule zu Leipzig (en) |
Cànain | Gearmailtis |
Luchd-teagaisg | Christian Theodor Weinlig (en) |
Oileanaich | Anton Seidl (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceòl-sgrìobhaiche, librettist (en) , stiùiriche-ciùil, aistear, stiùiriche tèatair, fèin-bheatha-eachdraiche, bàrd, cluicheadair piàna, sgrùdair ciùil, sgrìobhadair leabhair-latha agus sgrìobhadair |
Fastaichean | Oilthigh Ciùil is nan Ealan Taisbeanail ann an Vienna |
Obraichean comharraichte |
The Flying Dutchman (en) Tristan und Isolde (en) Tannhäuser (en) Das Rheingold (en) Lohengrin (en) Der Ring des Nibelungen (en) |
Duaisean a fhuaras | |
Buaidh | Arthur Schopenhauer (en) |
Ballrachd |
Acadamh Rìoghail na Suaine airson Ciùil Corps Saxonia Leipzig (en) |
Far-ainmean | K. Freigedank agus H. Valentino |
Gnè ealain |
opra choral symphony (en) ceòl clasaigeach |
Inneal-ciùil | piàno |
Creideamh | |
Creideamh | Lutharanachd |
IMDb | nm0003471 |
B' e neach-ciùil Gearmailteach a bha ann an Richard Wagner (Leipzig, 22 an Cèitean 1813 - Venezia, 13 an Gearran 1883).
Rugadh e ann an Leipzig anns a' Ghearmailt sa bhliadhna 1813. Chaochail athair, Carl Friedrich Wagner (1770–1813), nuair a bha e sia mìos a dh'aois. Phòs a mhàthair, Johanna Rosine Pätz (1778–1848), a-rithist san 28 an Lùnasdal 1814. B' e cleasaiche agus bàrd a bha ann an Ludwig Geyer (1778–1821), leas-athair Wagner, a chaochail nuair a bha Wagner ochd bliadhna a dh'àois. Canar gun robh trioblaid le fèin-aithne aig Wagner fad a bheatha air sgàth "an dà athair aige".[1] Ghluais an teaghlach gu Dresden ann an 1814. Eadar 1821 agus 1827, an dèidh bàs an leas-athair, bha Wagner a' fuireach ann an Eisleben aig càirdean an teaghlaich.
Nuair a bha Wagner 16 bliadhna a dh'aois, chunnaic e an opara Fidelio (a chaidh a sgrìobhadh le Ludwig van Beethoven) ann an Leipzig. Bhon àm sin bha e soilleir do Wagner gum biodh e na cheòladair. Thòisich e pìosan ciùil a sgrìobhadh agus bho 1831 a-mach chaidh e don Oilthigh Leipzig. Anns a' bhliadhna 1833 chruthaich e a chiad opra: Die Feen ("Na Taibhsean").
San 24 an Sàmhain 1836 phòs e Wilhelmine "Minna" Planer (5 an t-Sultain 1809 - 25 am Faoilleach 1866) ann an Königsberg. B' e cleasaiche a bha innte. Eadar 1837 agus 1839 bha Wagner ag obair ann an Riga. An uair sin dh'fhalbh e air bàta gu Lunnainn. Air an t-siubhail seo a bha gu math stoirmeil, nochd am bun-bheachd mun "Der fliegende Holländer". Bho 1840 gu 1841 bha e a' fuireach ann am Paris agus an dèidh sin fhuair e obair ann an Dresden mar Kapellmeister aig an Semperoper. Air sgàth trioblaidean poileataigeach b' fheudar do Wagner a' Ghearmailt fhàgail agus chaidh e do Zürich (1849–1858) agus àitichean eadar-dhealaichte, gus an do dh'imrich e air ais don Ghearmailt ann an 1872. Chaidh an Richard-Wagner-Festspielhaus a thogail ann am Bayreuth a rèir phlanaichean Wagner.
Chaochail Wagner ann an Venice 13 an Gearran 1883.