Thachair reifreann air neo-eisimealachd na h-Alba air Diardaoin, 18 an t-Sultain 2014. Bha a' cheist sgrìobhte ann am Beurla a-mhàin: Should Scotland be an independent country? Yes No
Am bu chòir Alba a bhith na dùthaich neo-eisimealach?
Bu chòir: 44.7% (1,617,989) Cha bu chòir: 55.3% (2,001,926)
Fhuair am freagairt 'Cha bu chòir' an àireamh as motha de bhòtaichean.
Ghabh 84.6% den t-sluagh aig an robh cead bhòtaidh pàirt anns an reifreann.