Obar Pheallaidh | |
Seann mhuileann ann an Obar Pheallaidh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle Pheairt is Cheann Rois |
Siorrachd | Siorrachd Pheairt |
Parraist | Dul |
Co-chomharran | 56° 37′ 5″ T 3° 51′ 56″ I |
Comharradh-clèithe | |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 1,986 (2011) |
'S e baile beag ann an Siorrachd Pheairt is Cheann Rois a th' ann an Obar Pheallaidh (Beurla: Aberfeldy).[1]
Ann an 2011 bha 1,986 duine a' fuireach ann.[2]
'S e sgoil-àraich, bun-sgoil agus àrd-sgoil a th' ann an Acadamaidh Bhràghaid Albann a bheireas foghlam do chloinn eadar 2 bliadhna agus 18 bliadhna a dh'aois.[3] Thòisich Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil ann ann an 2011.[4] Tha Gàidhlig ga teagasg mar chuspair anns an àrd-sgoil. Chaidh Comann nam Pàrant Stèidheachadh ann an 2012 gus taic a chumail ri pàrantan le clan san sgoil.[5]
Tha iomradh ann an Gairm mun turas a rinn còisir na sgoile dhan Ghearmailt ann an 1976 le dealbhan dhen chòisir.[6]