Nikos Zachariadis | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Edirne, 27 dhen Ghiblean 1903 (Julian) |
Dùthaich | A' Ghrèig |
Bàs | Surgut (en) , 1 dhen Lùnastal 1973 |
Àite-adhlacaidh | An Àithne |
Nàdar a’ bhàis | fèin-mhurt |
Foghlam | |
Foghlam |
Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin Oilthigh Comannach nan Saothraichean an Ear |
Cànain | Grèigis |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-poileataigs |
Creideamh | |
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Comannach na Grèige |
B' e prìomh rùnaire Pàrtaidh Comannach na Grèige a bh' ann an Nikos Zachariadis (Greugais: Νίκος Ζαχαριάδης, Adrianolpolis 27 an Giblean 1903 - Surgut 1 an Lùnastal 1973). Bha athair, Panagiotis Zachariadis, na eòlaiche ann an taigh-gnìomhachais Tombaca. Ghluais Nikos òg à Constantinople ann an 1919, far an d' fhuair cothroman obrach agus far an do thoisich ann an saoghal poileataigs. B' fheudar dha An Tuirc an latha an-diugh fhàgail agus chaidh e dhan A' Ghrèig fhèin is e na fhògarrach bochd. Ann an 1922/1923 shiubhal e dhan Aonadh Sobhiat far an d' fhuair e ballrachd na Komsomol.
Bha Zachariadis os cionn a' Phàirtidh aige bho 1931 gu ruige 1956 agus bha e a-measg nan daoine na bu chudromaiche ann an Cogadh Sìobhalta na Grèige, a chaill na Comannaich air sàilleabh cionn thaic bho Stalin.[1] A' chiad rud a rinn e, b' e am Pàrtaidh ùrachadh, leasachadh agus aonachadh. Ged a bha e sa phrìosan, agus a dh'aindeoin coimhearachd bho taobh a-staigh nan Comannach. Chuidich e ann an sabaid an aghaidh feachdan Hitler sa Ghrèig.[2] Chaidh a chur gu Dachau fad trì bliadhna. Chaidh e dhan Aonadh Sobhiat na fhògarrach ann an 1949 far a chaochail e.[3] Fhuair e a chuid foghlaim san Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin (Ruisis: Международная ленинская школа).[4]