'S e fear de Siorrachdan traidiseanta na h-Alba a tha ann an Lodainn an Ear. B' àbhaist do Bhaile Adainn a bhith na phrìomh-bhaile ach 's e Baile nam Feusgan a th' ann an drasta.
Tha raointean guail sam pàirt shiarach na shiorrachd, faisg air Baile nam Feusgan agus Tranant. Tha Lodainn an Ear a' claonadh gu tuath on Lomair Mòr don mhuir. 'S e clach-ghainmhich liath, Ordobhicianach a tha anns an Lomair Mòr, agus tha clach-ghainmhich ruadh ann gu tuath. Tha aol-chlach ann ann an àiteachan eile, gu h-àraidh sna raointean guail. 'S e bholcànothan marbh a tha ann an Creag nam Bathais, Meall Bhearaig agus Dùn Peilleir.[1]
Tha e na sgìre sam Pàrlamaid Westminster. Thagh e Seòras Kerevan (SNP) mar Ball Pàrlamaid ann an 2015 agus Martin Whitfield (Làbarach) ann an 2017.[2]
Tha an mòr-chuid na shiorrachd na sgìre sam Pàrlamaid na h-Alba agus tha e anns an roinn Alba a Deas ach tha pàirt na siorrachd ann an sgìre Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan. Tha an sgìre sin anns an roinn Lodainn. Tha Iain Gray (Làbarach) na BhPA airson Lodainn an Ear agus Colin Beattie (Làbarach) na BhPA airson Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan.
Tha na Làbaraich a' riaghladh a' Chomhairle Lodainn an Ear.[3]
Chaidh bratach ùr a thogail ann an 2018.[4]
Bailtean | Athelstaneford • Baile Adainn • Baile na Craoibhe • Baile nam Feusgan • Barns an Iar • Bearaig a Tuath • Cùl Choinnich agus Port Seton • Dirleton • An Druim • Dùn Bàrr • Elphinstone • Fortune an Ear • Garvald • A' Ghualainn • Gifford • Inbhir Mhuice • Linton an Ear • Longniddry • Magh Mhoire • Obar Lìobhaite • Ormiston • Pencaitland • Prestonpans • Sliabh a' Chlamhain • Tranent • Wallyford • Whitecraig |
Eileanan | Creag nam Bathais • Creag Lìte • Fiodra • An Lam |