Humphry Davy | |||
---|---|---|---|
1820 - 1827 ← William Hyde Wollaston (en) - Davies Gilbert (en) → | |||
Beatha | |||
Breith | Pennsans, 17 dhen Dùbhlachd 1778 | ||
Dùthaich | A' Chòrn | ||
Bàs | Geneva, 29 dhen Chèitean 1829 | ||
Àite-adhlacaidh | Cemetery of Kings (en) | ||
Teaghlach | |||
Athair | Robert Davy | ||
Màthair | Grace Millett | ||
Cèile | Jane Davy (en) (11 dhen Ghiblean 1812 - | ||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||
Foghlam | |||
Foghlam | Truro Cathedral School (en) | ||
Àrd-fhoghlam | no value | ||
Cànain | Beurla | ||
Oileanaich | Michael Faraday | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | ceimigear, innleachdair, fiosaigiche, geòlaiche, neach togail dhealbhan, bàrd agus sgrìobhadair | ||
Fastaichean | An Comann Rìoghail | ||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||
Buaidh | Benjamin Thompson (en) | ||
Ballrachd |
Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans Comann Ainmh-eòlas Lunnainn Comann Warsaw Caraidean an Ionnsachaidh An Comann Rìoghail Acadamh Phruiseach nan Saidheansan Institut de France (en) Accademia Nazionale delle Scienze detta dei XL (en) Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan Acadamh Fhrangach nan Saidheansan | ||
B' e ceimigear agus creag-eòlaiche Sasannach a bha ann an Humphry Davy, (Penzance, a’ Chòrn, 1778–Geneva, an Eilbheis, 1829). Tha e ainmeil airson a rannsachadh ceimigeach agus lampa sàbhailteachd airson mèinnearan.
Bha e na sgoilear aig an sgoil-ghràmair ann an Truro agus dh'obraich e ann am Pennsans mar phreantas ri poitigeir.[1]
An dèidh sin ghluais e do Bhristol far an do lorg e na buaidhean N2O no gas gàireach. Thachair e ri na bàird Robert Southey agus Samuel Taylor Coleridge agus dheasaich e an dàrna eagran de Lyrical Ballads le William Wordsworth.
Dh'obair e mar leas-òraidiche agus ann an sin mar stiùiriche aig an Institiud Rìoghail ann an Lunnainn eadar 1801 agus 1825. B' e fear de na chiad rannsaichean a chleachd am bataraidh a dh'innlich Alessandro Volta ann an 1800 airson na ceimigeachd. Lorg e bòron, sodium is potasium agus dh'ainmich e clòrain. Chaidh e na fhrith-bharan ann an 1818 agus dh'fhrithealaich e mar cheann-suidhe a' Chomainn Rìoghail eadar 1825 agus 1828. Chaochail e 29 an Cèitean 1829 ann an Geneva.[2]