Greifswald (Griepswoold)
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Vorpommern-Greifswald | ||||
Sgìre | Mecklenburg-Vorpommern | ||||
Co-chomharran | 54° 6' Tuath 23° 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 50.5 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 56,445 (2013) | ||||
Dlùths | 1,117.72/km² | ||||
Àireamh fòn | 03834 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.greifswald.de/ |
‘S e baile meadhanach air an àirde an ear-thuath na Gearmailte a th’ ann an Greifswald (IPA: ɡʁaɪfsvalt, Plattdüütsch: Griepswoold). 'S ann à Greif (grìbhean) agus wald (coille) a tha an t-ainm. Tha e suidhichte aig 7m os cionn ìre na mara ri taobh na h-aibhne Ryck, faisg air na h-eileanan Usedom agus Rügen agus ri beulaibh na Baltach, anns an stàit Mecklenburg-Vorpommern, 110km air falbh bho Rostock, 225km bho Bherlin agus 264km bho Hamburg.[1] ‘S ann leis an sgìre Landkreis Vorpommern-Greifswald a tha am baile agus, le 56,445 duine a' fuireach ann, ‘s e an còigeamh baile as motha na roinne[2] a th'ann.
Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1199nuair a stèidhich manaich às An Danmhairg manachainn agus chaidh Oilthigh Ghreifswald a thogail ann an 1456, an dàrna fear as aosda ann an ceann a tuath na Roinn Eòrpa. Bhuineadh am baile dhan lìg mhalairt Hansa fad na meadhan aoisean. Eadar 1631 agus 1815, bha am baile, agus Pomerania air fad, fo bhuaidh na Suaine. An uair sin, chaidh Roinn Phruisianach Phomerania a stèidheachadh, le Greifswald na broinne gu ruige 1945.[3]